Luchd-obrach nam bhanaichean-campachaidh
- Air fhoillseachadh

Tha luchd-obrach aig dachaigh-cùraim ann an Inbhir Nis a' fuireach ann am bhanaichean-campachaidh ri taobh na dachaigh feuch an luchd-còmhnaidh a dhìon.
Dh'aontaich an luchd-obrach aig dachaidh Iseabail Fhriseil sa bhaile gum fuirich iad anns na bhanaichean sa phairc-chàraichean cho fad' 's a tha riaghailtean glasaidh a' Choròna-bhìorais a' leantainn.
'S e an dòchas a th' aca gun tèid an cunnart dhan luchd-còmhnaidh bhon bhìoras a lùghdachadh mura a h-eil an luchd-obrach a' measgachadh ri daoine eile.
"'S e cùram an luchd-còmhnaidh an rud as cudromaiche", thuirt Ciorstaidh NicPheadrais, a tha am measg trì duine deug a tha a' fuireach ann am bhanaichean-campachaidh.
"Eagallach"
"Tha rudan eagallach air na naidheachdan is tha na tha sinn a' dèanamh a' toirt cofhurtachd dhan luchd-còmhnaidh", thuirt i.
Rinn Sìm Cole Hamilton bhon urras a tha a' ruith na dachaigh moladh air an luchd-obrach.
"'S ann bhon luchd-obrach fhèin a thàinig am beachd", thuirt Mgr Cole Hamilton.
"Bidh iad a' fàgail an teaghlaichean is am beatha phearsata is chan e làithean-saora a bhios ann idir.
"Bha iad gu math deònach ge-tà, is tha sinn moiteil dha-rìribh àsta", thuirt e.