Fàilte air airgead a bharrachd do dh'iasgairean
- Air fhoillseachadh

Thèid £3.5m a bharrachd a thoirt do dh'iasgairean mhaoraich fhad 's a tha staing a' choròna-bhìorais a' leantainn.
Bidh seo airson bàtaichean a tha nas motha na 12 meatair a dh'fhaide agus a tha ag iasgach airson mhaoraich leithid chrùbagan, ghiomaich, chreachainn agus mhuasganan-caola.
Tha dùil gu bheil 220 bàta mar seo ann an Alba - mòran dhiubh air a' chosta siar agus gheibh gach bàta suas gu £21,370 airson coinneachadh ri cosgaisean leithid àrachais agus ged a tha iad aig cala, tha aca ri cìsean a phàigheadh agus bidh cuid le innealan air bòrd a tha air mhàl agus feumar sin a phàigheadh.
Maragaidhean
Ma tha barrachd na aon bhàta aig gnìomhachas, gheibh iad suas gu £42,740.
Chuir Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais fàilte air an naidheachd agus e ag ràdh gu bheil seo na chuideachadh airson nan cosgaisean àbhaisteach a th' aig iasgairean.
Thuirt Mgr MacAonghais gun toir e treis mus bi na maragaidhean aca thall thairis air ais dhan àbhaist, agus gus am bithear a' faighinn nam prìsean a bha iad mus do thòisich an staing, ach tha dòchas ann a thaobh nam margaidhean aig an taigh, thuirt e.
"Rud a tha sinn a' faicinn gu bheil barrachd is barrachd de dhaoine a-nise, aig ìre ionadail, a' ceannach mhaoraich nach robh ga cheannach ron a seo.
"Ach tha na iasgairean ga reic aig prìs na ìsle na bhiodh iad a' faighinn nam biodh iad ga chur a-null thairis.
Prìs
"Tha sinn a' faicinn gu bheil cothrom ann leudachadh a' mhargaidh ann am Breatainn.
"Tha tòrr dhen mhargaid an-dràsta am Breatann 's ann aig na taighean-bìdhe agus na h-àitichean eile far an robhar ga chleachdadh.
"Tha iadsan air dùnadh agus dhùin a' mhargaid sin cuideachd agus mar a tha sin a' faicinn na cùise, 's e a' mhargaid airson èisg ghil - leithid adaig is truisg, tha e air beagan buaidh a thoirt air ach tha a' phrìs a' cumail an àird agu bidh sinne an dòchas gum faic sinn barrachd leudachaidh a dhèanamh air maorach.
"Gu h-àraid aig ìre ionadail agus air feadh Bhreatainn air fad airson tha tòrr a tha ag ithe mhaoraich, ithidh iad e nuair a tha iad air saor-làithean thall thairis ach bidh iad a' smaoineachadh gu bheil e ro dhaor a bhith ga cheannach ach saoilidh mi gun atharraich sin ri linn a' bhìorais a tha seo", thuirt e.
Tha luach £22.5m anns na diofar sgeamaichean taice a tha ri fhaighinn bhon riaghaltais airson gnìomhachas an iasgaich.