Gearain mu sgudal ga fhàgail air an tuath

  • Air fhoillseachadh
Garden wasteTùs an deilbh, Getty Images

Tha tuathanaich a' gearain mu mar a tha daoine a' fàgail sgudail a-muigh air an tuath.

Le ionadan ath-chuairteachaidh dùinte, agus daoine a' cur seachad barrachd ùine sna gàrraidhean aca, tha aithrisean ann gu bheil stuth nach eil daoine ag iarraidh sna gàrraidean tuilleadh ga thoirt a-mach dhan dùthaich 's ga fhàgail ann am pàirceannan agus ri taobh rathaidean.

Tha sin cunnartach do stoc, agus cuid de phlanndrais a thig a-mach à gàrraidhean puinnseanta.

Tha cuideachd sgudal biona a tha ga fhàgail air an tuath na chunnart, agus aithris ann an t-seachdain seo gun do thachdadh laogh òg air seann phacaid chaithte chriospaichean.

Briseadh Dùil

Am measg na tha ga fhàgail; tha seann àrnais, sgudal taighe, seann innealan agus na th' air fhàgail an dèidh phròiseactan DIY.

Sgaoil còig de na prìomh bhuidhnean dùthchail agus àrainneachail ann an Alba - NFU na h-Alba, Fearann is Oighreachdan na h-Alba, Compàirteachas na h-Alba an aghaidh Eucorra Dùthchail, Cùm Alba Àlainn agus Alba Gun Sgudal - co-bhrath o chionn ghoirid a thaobh mar a bha barrachd sgudail ga fhàgail air an tuath fhad 's a leanas riaghailtean Covid-19, ach tha dragh ann a-niste gu bheil an suidheachadh air a dol am miosad.

"Tha e na bhriseadh dùil mòr a bhith a' faicinn dhaoine fhathast a' cleachdadh na tuaithe àlainn again mar òtrach mhòr, ach, leis mar a tha an aimsir air a dhol nas fheàrr agus daoine ag obair barrachd sna gàrraidhean aca, tha mar a tha sgudal às na gàrraidhean sin ga fhàgail air an tuath na chunnart agus fàgaidh e gum bàsaich beathaichean," thuirt Manaidsear Poileasaidh Slàinte Bheathaichean aig NFU na h-Alba Penny Middleton.

"Tha sgudal de sheòrsa sam bith na chunnart do bheathaichean agus do dh'fhiadh-bheatha, agus tha e cunnartach dha-rìribh a bhith ga fhàgail air tuathanasan no a-muigh air an dùthaich.

"Tha na h-aithrisean de laugh a bhith a' tachdadh air pacaid chriospaichean uabhasach, ach tha iad a' togaiol air a' bhuaidh a tha an dol-a-mach mì-chùramach seo a' toirt."