Taic-airgid èiginn a dhìth air NHS na Gàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Dh'aontaich buill Bhòrd-Slàinte na Gàidhealtachd madainn Dimàirt £11m a bharrachd iarraidh bho Riaghaltas na h-Alba.
Bha a' choinneamh Dimàirt ann le astarachadh sòisealta agus le ceangal bhidio.
Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad feumach air nas lugha airgid bhon Riaghaltas na bha dùil, agus gu bheil iad air an targaidean a thaobh £28m a chùmhnadh anns a' bhliadhna ionmhais 2019/20 a choileanadh.
Bha dùil gum biodh £11.4m a dhìth orra de thaic, ach chaidh sin a-niste a lùghdachadh gu £11m.
Thuirt iad, leis gun gabh gu leòr de na sàbhalaidhean a rinn iad dèanamh a-rithist, gu bheil misneachd aca gun cothromaich iad an cuid leabhraichean ro dheireadh 2021/22.