Dragh air Brùra mu 14-14-14

  • Air fhoillseachadh
Luchd-taic BhrùraTùs an deilbh, SNS

Nochd Brora Rangers dragh mu phlana chlubaichean Lìog 2 airson structar 14-14-14 a chur an sàs san SPFL.

Tha còmhraidhean a' leantainn a thaobh structar nan lìogaichean atharrachadh ri linn 's mar a tha suidheachadh a' Choròna-bhìorais air bualadh air ball-coise.

Tha diofar bheachdan ann a thaobh gluasad air falbh bho 12-10-10-10 mar a tha ann an-dràsta.

Tha cuid air 14-10-10-10 a mholadh, rud a bhiodh a' ciallachadh nach biodh sgioba ann an gin de na lìogaichean a th' ann a' dol sìos, is gun tigeadh na sgiobaidhean a tha air tiotalan Lìog na Gàidhealtachd is na Galltachd fhaighinn, Brùra is Kelty Hearts, a-steach dhan SPFL.

Iomagain

Ach fon phlana aig clubaichean Lìog 2, cha bhiodh sgiobaidhean idir a' tighinn a-steach.

Dh'innis cathraiche Eilginn, Graham Tatters, is cathraiche Stenhousemuir, Iain McMenemy, gu bheil clubaichean Lìog 2 air aontachadh nach gabh iad ach ri 14-14-14.

Tha Brùra ag ràdh gu bheil sin na dhragh dhaibh.

"Tha iomagain oirnn mu na molaidhean seo a bhiodh a' glasadh Brora Rangers is Kelty Hearts a-mach às an SPFL," thuirt Brùra ann am brath sgrìobhte, taobh a-muigh.

"Ged a tha sinn a' gabhail ris nach gabh crìoch a chur air an t-seusan agus na geamaichean play-off a bha còir a bhith ann, bha e na chofhurtachd dhuinn gum biodh an suidheachadh againn mar phàirt de na còmraidhean a tha a' dol air adhart a thaobh structar nan lìogaichean atharrachadh.

Misneachd

"Tha sinn a' tuigsinn gu bheil dragh air clubaichean Lìog 2 gum faodadh iad airgead a chall, ach tha sinn air ar misneachadh le beachd co-chathraiche buidheann ath-sgrùdaidh structar nan lìogaichean, Ann Budge, gun gabh na draghan sin riarachadh. Tha fios gum bi aonta ùr SKY TV na chuideachadh a thaobh modal ùr ionmhais a chur air dòigh," thuirt iad.

Dh'innis Brùra gu bheil coltas ann nach bi ball-coise air ais san aithghearrachd, is gum bu chòir leigeil le buidheann an ath-sgrùdaidh coimhead ri gach roghainn gun bacadh a chur orra.

Thuirt iad cuideachd nach seasadh e gu math le prionnsabalan an SFA gum bi gluasad eadar lìogaichean nam biodh iad fhèin is Kelty air an glasadh a-mach.

Thuirt iad gu bheil an dà chluba comasach air tòrr a chur ris a' gheama is gu bheil iad deiseil a dhol suas gu Lìog 2 ma bhios an cothrom ann.