Car ùr a thaobh croit airson cùraim
- Air fhoillseachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar air beachd fhaighinn bho àrd fhear-lagha air dè na còraichean a th' aca a thaobh toirt air daoine taighean croite a reic airson cosgaisean cùraim a phàigheadh.
Dh'innis Sir Crispin Agnew QC, a tha aithnichte a thaobh lagh fearainn ann an sgìrean dùthchail, gu bheil e den bheachd gu bheil còir aca seo a dhèanamh.
Thuirt e na litir cuideachd ge-tà, gu bheil rudan nach eil soilleir anns an lagh.
Tha deasbad air a bhith a' leantainn mun ghnothach is luchd-iomairt air a dhol gu Comataidh nan Athchuingean , taobh a-muighann am Pàrlamaid na h-Alba.
Chan eil a' Chomataidh air tighinn gu co-dhùnadh mun chùis.
Còir
Bha Comhairle nan Eilean Siar air a bhith a' cumail a-mach bho thùs gun robh iad air comhairle laghail fhaighinn ann an 2004 gun robh làn chòir aca a bhith a' toirt air daoine taighean croite a reic airson pàigheadh airson cùraim.
Bhòt comhairlichean anns na h-Eileanan an Iar sa Mhàirt gum bu chòir am poileasaidh a stad rè-ùine gus rannsachadh a dhèanamh.
Ach tha aithisg, taobh a-muigh bhon Àrd-Oifigear, Malcolm Burr, a thèid mu choinneamh na Comhairle an ath-sheachdain ag innse gun d'fhuair iad dàrna beachd bho Sir Crispin Agnew QC.
Tha i ag ràdh gun do dh'innis e dhaibh nach biodh e laghail dhaibh taighean croite fhàgail a-mach às na measaidhean ionmhais a bha iad a' dèanamh.
Tha an aithisg ag ràdh gu bheil an Àrd-Oifigear mar sin air iarraidh air luchd-obrach na Comhairle a bhith a' coimhead às ùr air cùisean a bha fosgailte mus deach am poileasaidh a stad rè ùine.
Strì
Tha an aithisg a' moladh gum bu chòir dhan Chomhairle leantainn leis a' phoileasaidh mar a bha e bho thùs.
Ach thuirt Iain MacÌomhair, a tha air a bhith a' strì an aghaidh oidhirp na Comhairle toirt air an teaghlach taigh a mhàthar nach maireann a reic, nach eil am beachd laghail ùr ag atharrachadh dad.
"'S e duine air leth comasach a th' ann an Sir Crispin Agnew a thaobh lagh is a thaobh laghan croitearachd gu sònraichte is feumaidh sinn urram a thoirt dhan bheachd aige", thuirt Mgr MacÌomhair.
"Ach air an làimh eile, 's e beachd a th' ann agus chan eil e a' toirt dearbhadh cinnteach dhuinn.
"Chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil e a' dèanamh cùis na Comhairle dad nas làidire, tha e feidhir a' toirt beachd eile dhaibh co-cheangailte ris a' bheachd a bh' aca roimhe seo.
Cùirt
"Chan eil sin a' ciallachadh nach toireadh fear-lagha eile beachd eadar-dhealaichte. Tha mise a' faicinn gu bheil laigse an seo fhathast a thaobh dìth dearbhaidh", thuirt e.
Dh'innis Mgr MacÌomhair - a bha air cùl na h-athchuinge a chaidh dhan Phàrlamaid - nach eil e den bheachd gu bheil an gnothach idir seachad aige seo.
Thuirt e gu bheil e gu math deònach a' chùis a thoirt dhan chùirt.
"Ann an dòigh tha e feumail am beachd fhaighinn, ach ann an dòigh eile, chan eil e a' toirt dhuinn dearbhadh cinnteach. Chan eil e gar toirt air adhart cus.
"Tha mi a' smaoineachadh gur e an aon dòigh air am faigh sinn adhartas sam bith air a' ghnothach a tha seo 's e dearbhadh cinnteach fhaighinn.
"Ma dh'fheumas sinn a dhol dhan chùirt airson sin, 's ann mar sin a dh'fheumas e a bhith", thuirt e.
Connspaid
Tha Buidheann an SNP aig Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iadsan feargach mun dòigh anns a bheil a a' bhuidheann riaghlaidh air an gnothach a làimhseachadh.
Thuirt Calum MacIlleMhaoil bho bhuidheann an SNP nach eil a' Chomhairle air na puingean a bha air an togail bho thùs a dheasbad, is nach eil e ceart cur às dhan cho-dhùnadh am poileasaidh a stad rè-ùine stèidhichte air beachd laghail.
Tha e ag ràdh gum bu chòir an aithisg a tharraing.
Bidh a' choinneamh ann Diciadain an 6mh den Chèitean.