Deuchainnean Covid-19 do chroitearan

  • Air fhoillseachadh
Deuchainn

Tha tuathanaich agus croitearan a-nise am measg luchd-obrach aig a bheil cead air deuchainn ma tha coltas a' Choròna-bhìorais orra.

Tha seo mar phàirt den leudachadh a thathas a' toirt air na deuchainnean, ged a tha prìomhachas fhathast aig luchd-obrach anns na seirbheisean-slàinte agus cùraim, agus aig leithid luchd-obrach nan seirbheisean èiginn.

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba ge-tà, gu bheil na ceumanan às ùire cuideachd a' ciallachadh gu bheil cothrom aig duine sam bith a tha an sàs ann an gnìomhachas a' bhìdhe air deuchainn.

Stiùireadh

Thuirt iad gu bheil seo a' toirt a-steach thuathanach is chroitearan, cho fada 's a tha iad a' cruthachadh biadh a tha a' dol air a' mhargaid fhosgailte.

Tha seo dìreach do dhaoine a tha an amharas gum faodadh an Coròna-bhìoras a bhith orra.

Gheibhear fiosrachadh air mar a ghabhas deuchainn a chur air dòigh an seo, taobh a-muigh.