Dàil air pròiseict Chaisteil Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Caisteal Inbhir NisTùs an deilbh, Ewen Weatherspoon

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil suidheachadh a' Choròna-bhìorais air dàil a chur air a' phròiseict gus Caisteal Inbhir Nis a leasachadh.

Le seirbheis a' cheartais air gluasad a-mach às a' chaisteil is an dachaigh ùr aca ann an sgìre an Longman a-nise fosgailte, bha dùil aig a' Chomhairle sealbh a ghabhail air an Tùr a Deas aig toiseach a' Chèitein.

Dh'innis iad gu bheil dùil aca a-nise gun tachair sin nuair a thèid an lockdown a thogail.

Thuirt iad gum bi iad an uairsin a' cur air dòigh clàr-ama ùr a thaobh obair-leasachaidh.

Cudromach

'S fhada bho nochd beachd gum bu chòir an caisteal a chur gu feum 'son luchd-tadhail.

Tha àite faire a chuireadh air dòigh mar-thà ann an tùr eile sa chaisteil air soirbheachadh gu mòr.

"'S e pròiseict a tha seo a tha air leth cudromach a thaobh meadhan Inbhir Nis ath-bheothachadh agus a thaobh turasachd air a' Ghàidhealtachd san fharsaingeachd a bhrosnachadh," thuirt Pròbhost Inbhir Nis, Eilidh NicIlleMhìcheil.

"Tha làn-dùil againn gluasad air adhart leis nuair a tha an lockdown seachad.

"An-dràsta ge-tà, 's e an rud as cudromaiche dèiligeadh ri suidheachadh Covid-19 agus daoine a chumail sàbhailte," thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo