Airgead ga thogail airson Ospas Bhethesda
- Air fhoillseachadh

Bha dragh ann bho chionn cola-deug gun robh Ospas Bhethesda ann an Steòrnabhagh an cunnart dùnadh ri linn cion-airgid, agus suidheachadh a' Choròna-bhìorais a' toirt droch buaidh air an teachd a-steach aca.
Tha bùth charthannais na buidhne ann an Steòrnabhagh, tro bheil iad a' faighinn mòran den airgead airson an dachaigh cùraim a ruith, air a bhith dùinte, coltach ri bùithtean eile, bho thòisich an lockdown o chionn còig seachdainnean.
Ach bhon uairsin, tha faochadh air thighinn tro iomairtean airson airgead a thogail.
Thog aon iomairt an t-seachdain seo fada a bharrachd air na bha iad an dùil.
Rafail
Cha robh càil a dhùil aig Megan NicDhòmhnaill, a tha a' ruith companaidh a bhios a' dèanamh choinnealan ann an Sanndabhaig gun deadh faisg air £70,000 a thogail nuair a thòisich i an iomairt aice o chionn cola-deug.
"Cho-dhùin Dòmhnall is mi fhèin o chionn dà sheachdain gun cuireamaid hampair beag choinnlean ri chèile dìreach airson beagan airgid a thogail dha Bethesda," thuirt Megan.
"'S e carthannas a th' ann a tha gu math prìseil dhuinn, agus shaoil sinn, leis a' bhùth aca dùinte an-dràsta 's na tachartasan aca airson airgead a thogail air an cur dheth, gun dèanamaidne rudeigin.
"Chuir mi targaid de £700 romhainn, agus saoilidh mi gur e a' chiad là no an dàrna là a ràinig e £2,000. Dh'fhàs e cho luath!
"Mar sin dheth, shaoil mi gun cuirinn an targaid an-àirde, agus an uair sin thug gnothachas eile duais seachad dhomh airson na h-iomairt, 's shaoil mi gun dèanamaid rafail mòr dheth air-loidhne.
"Bhon uair sin tha e air leudachadh gu mòr, agus tha gnothachasan eile air tighinn air adhart gar cuideachadh. Tha e air a bhith do-chreidsinneach," thuirt i.

Tha bùth charthannais na buidhne ann an Steòrnabhagh air a bhith dùinte, coltach ri bùithtean eile, bho thòisich an lockdown o chionn còig seachdainnean.
Chaidh an rafail a chraoladh beò tro Facebook oidhche Chiadain, agus còrr is 3,500 duine air tagradh a dhèanamh feuch am buannaicheadh iad tè de na duaisean.
Madainn Dihaoine, bha iad dìreach beagan gann air £70,000 - airgead a nì mòran gus Bethesda a chumail a' dol tro staing a' bhìorais.