Obraichean a' falbh aig An Lanntair
- Air fhoillseachadh

Chaill 21 duine a bha ag obair ann an cafaidh agus bùth An Lanntair an cosnadh
Tha a' chompanaidh a bha a' ruith cafaidh agus bùth An Lanntair ann an Steòrnabhagh air a dhol à bith.
Bha 21 duine ag obair aca.
Bha a' chompanaidh air sgur a mhalairt sa Mhàirt, le cuingealachadh an lockdown, agus chaidh innse don luchd-obrach aig an àm sin gun robh an cuid chosnaidhean ann an cunnart.
Chaidh innse dhaibh an t-seachdain seo gun robh na h-obraichean aca air falbh.
"Buille chruaidh"
Thuirt an Comh. Dòmhnall Crichton bho Chomhairle nan Eilean Siar gur e buille chruaidh a tha seo dhan eilean.
"Droch naidheachd a th' ann ma chailleas aon duine obair, ach 21 anns a' choimhearsnachd a tha seo, 's e buille mhòr a tha sin agus tha sinn gu math duilich sin a chluinntinn".
Thuirt e gu bheil a' Chomhairle a' feuchainn ri taic a chumail ri gnìomhachasan nan eilean air a bheil staing a' Choròna-bhìorais a' toirt buaidh.
"Tha a h-uile gnìomhachas a' toirt tro shuidheachadh gu math àraid aig an àm a tha seo agus tha sinn a' feuchainn ri taic a thoirt dhaibh faighinn tarsainn air an duilgheadas a tha seo le taic bhon sgeama riaghaltais - tha sinn air faisg air £5m a chur a-mach ann an taic aig an ìre seo - 's tha sinn cuideachd air £500,000 a chur airson taic dha gnìomhachasan beaga anns na h-eileanan seo".
Thuirt e gum feumadh iad sùil a thoirt air mar a ghabhas fàs a thoirt air an eaconomaidh ionadail a-rithist nuair a tha èiginn a' Choròna-bhìorais seachad.