Rannsachadh ga iarraidh air Dachaigh-Cùraim am Port Rìgh an dèidh bàs thriùir le Covid-19

  • Air fhoillseachadh
Dachaigh-cùraim Home Farm

Tha an t-aonadh an GMB ag iarraidh gun rannsaichear Dachaigh-Cùraim Home Farm ann am Port Rìgh far an do bhàsaich triùir den luchd-còmhnaidh leis a' Choròna-bhìoras.

Dh'innis a' chompanaidh HC One, a tha a' ruith a' ghoireis, gun deach am bhìoras a dhearbhadh air 30 den luchd-còmhnaidh - a' gabhail a-steach an triùir a tha a-nis air am beatha a chall - agus air 27 de luchd-obrach na dachaigh.

Aig toiseach na bliadhna thog Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim ceistean mu cho glan 's a bha Home Farm agus mu àireamhan luchd-obrach.

Thuirt Home Farm gun robh iad air na rudan sin a chur ceart.

Dachaigh-cùraim Home Farm
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an GMB ag iarraidh rannsachadh air na dh'fhàg na h-uimhir leis a' bhìoras aig Home Farm

Cùis-mhulaid

Thuirt Drew Duffy bhon GMB gu robh an smuaintean leis a h-uile duine a tha ag obair ann agus an suidheachadh aca cho deuchainneach.

"Feumaidh rannsachadh a bhith ann; tha na h-àireamhan seo na chùis-mhulaid.

"Ge-tà, rud a tha seo air a dhèanamh nochdte gu bheil dachaighean-cùraim na roinne prìobhaidiche air a bhith air an ruith air buidseatan fìor bheag an dèidh bhliadhnaichean gun airgead gu leòr a bhith air a thoirt seachad do chùram sòisealta.

"Bha fios againn gu robh seo a' dol a thighinn. 'S e as coireach na companaidhean cùraim prìobhaideach agus Riaghaltas na h-Alba. Bha fios aca agus feumaidh barrachd a bhith air a dhèanamh," thuirt e.

Ionad deuchainn an Airm
Fo-thiotal an deilbh,

Stèidhich an t-Arm ionad rè-ùine san Ath Leathann far an tèid deuchainnean a dhèanamh

Deuchainnean ùra

Dhearbh NHS na Gàidhealtachd gun deach deuchainnean a dhèanamh air a h-uile neach aig Dachaidh-Cùraim san Ath Leathann, An Acarsaid, agus nach robh an Coròna-bhìoras air duine an sin.

Dhearbh an t-ùghdarras slàinte cuideachd, ge-tà, gun robh am bhìoras air aon den luchd-obrach bho chionn grunn sheachdainnean, ach gun do sheall deuchainnean nach robh an luchd-obrach eile a' fulang.

Thuirt iad gun tèid an luchd-obrach uile fo dheuchainnean ùra.

Tha an t-Arm a-nis air ionad a stèidheachadh san Ath-Leathann far an gabh deuchainnean dèanamh.

Port-RìghTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dragh ann gun sgap an galar sa choimhearsnachd san Eilean Sgitheanach

Smuaintean

Fhad 's a tha na ceistean sin ann, tha co-fhaireachdainn muinntir an eilein leis na h-euslaintich a tha bochd, agus leis an luchd-obrach.

Tha Iona NicDhòmhnaill na ball den bhuidhinn-ghnìomha a chuir a' choimhearsnachd air dòigh nuair a nochd èiginn a' Coròna-bhìorais.

"Tha sinn uile mar choimhearsnachd eòlach air na daoine a tha a-staigh an sin, 's e na daoine againn fhèin a th' annta.

"Tha ar co-fhaireachdainn leotha agus an dòchas gun tig iad às cho luath agus as urrainn dhaibh," thuirt Ms Dòmhnallach.

Dìon na coimhearsnachd

Tha comhairlichean an Eilein Sgitheanaich airson agus gun tèid sgeama Test, Trace and Isolate (a dh'ainmich Nicola Sturgeon Diluain) a chur an sàs san eilean cho luath sa ghabhas.

Thuirt an Comhairliche Calum Rothach gu bheil dragh air muinntir an eilein gum faodadh gu bheil an galar air sgapadh am measg an t-sluaigh.

"Tha e uabhasach cudromach gun cum sinn ris an stiùireadh a thaobh a bhith a' cumail bho chèile, nigh ar làmhan agus gun a bhith a' siubhal ach air adhbharan deatamach.

"Tha uallach air daoine agus ged a tha sinn sgapte tha daoine nas sine a' fuireach sna coimhearsnachdan sin.

"Thèid rannsachadh a dhèanamh ach tha ceist gu math cudromach an seo air mar a tha sinn a' coimhead ri daoine nas sine, ceist aig ìre nàiseanta, ceist aig ìre nas ionadaile na sin.

"'S e an rud as cudromaiche a-nis nach nochd an galar idir anns na dà dhachaigh eile agus tha mi a' creidsinn gum bu chòir dhan a h-uile duine a bhith a' dèanamh gach oidhirp airson 's nach tachair sin," thuirt Mgr Rothach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo