Dragh mu obair togail

Tha mì-thoileachas ann an Cinn Tìre mu phlanaichean gus tòiseachdainn air tuath-gaoithe a thogail an t-seachdain seo.

'S e Scottish Power Renewables a tha ga dhèanamh agus ged a tha an leithid ceadaichte a-niste fo riaghailtean an lockdown, tha dragh sa choimhearsnachd gu bheil iad a' toirt luchd-obrach à Poblachd na h-Eireann don sgìre gus a dhèanamh.

Tha seo a' tighinn às dèidh mar a bhàsaich paramedic a bhuinneadh do Cheann Loch Chille Chiarain le Covid 19. Seo Andreas Wolff.