Naidheachdan 11:00m

Dhearbh a' chompanaidh leis a bheil dachaigh-cùraim Home Farm san Eilean Sgitheanach gun do chaochail neach eile a bha a' fuireach anns an ionad. Dh'fhoillsich HC One gu bheil ceathrar a-nis air bàsachadh leis a' Choròna-bhìoras anns an dachaigh ann am Port Rìgh, 's gu bheil 53 luchd-còmhnaidh agus luchd-obrach air an gannrachadh leis. Tha deichnear cuideachd air bàsachadh le Covid-19 ann an dachaigh-cùraim eile a tha HC One a' ruith ann am Bearsden ann an Siorrachd Dhùn Bhreatann an Ear.

Thèid Boris Johnson a cheasnachadh mu mar a tha an Riaghaltas aige a' làimhseachadh staing a' Choròna-bhìorais nuair a nochdas e aig Àm Cheistean a' Phrìomhaire airson a' chiad uair on a dh'fhàs e meadhanach leis a' ghalar. Airson a' chiad uair cuideachd bidh e a' freagairt cheistean bho cheannard ùr a' Phàrtaidh Làbaraich, Sir Keir Starmer, 's cuideam ga chur air an Riaghaltas mun ro-innleachd aca a thaobh deuchainnnean bhìorais agus na tha de Bhreatannaich a' bàsachadh le Covid-19.

Tha luchd-saidheans a' dèanamh dheth gun adhbharaich plàigh a' Choròna-bhìorais an lùghdachadh as motha riamh anns na tha de ghasaichean millteach a' faighinn a-mach dhan adhar. Tha dùil gun tuit na tha sinn a' cruthachadh de ghasaichean càrboin 8% air sàilleabh an lùghdachaidh ann an obair ghnìomhachais, itealaich choimearsalta agus na tha de charbadan air na rathaidean. Tha comataidh de dh'eòlaichean àrainneachd air sgrìobhadh chun an Riaghaltais agus iad ag iarraidh gun tèid barrachd airgid a chosg air gnìomhachasan uaine nuair a thòisicheas sinn a' faighinn thairis air staing a' ghalair.

Dh'aidich an Ceann-Suidhe Trump gur mathaid gun caill Aimeireaganaich am beatha ma thèid riaghailtean a tha gan cumail aig an taigh a lagachadh. Ach dh'innis e do ABC News gum feum an dùthaich fosgladh a-rithist, agus gum faod daoine cumail orra a' leantainn riaghailtean treòireachaidh eile. Choirich Mgr Trump an lockdown agus mar a chaidh obraichean a chall ri linn airson bàs tro dhrogaichean agus fèin-mharbhadh. Anns na 24 uairean a dh'fhalbh bhàsaich 2,300 Aimeireaganach leis a' Choròna-bhìoras - aon de na h-àireamhan làitheil as àirde fhathast.

Tha tè de na companaidhean bhusaichean as motha ann an Alba air innse dhan BhBC gum bi e do-dhèante astarachadh sòisealta a chumail a' dol san ùine fhada aon uair 's gun tèid na riaghailtean lockdown a lagachadh. Thuirt First Bus gum bi na cosgaisean a bhios an lùib bhusaichean leth-fhalamh na dhùbhlan mòr dhan ghnìomhachas. Tha an t-iarrtas airson seirbheisean bhusaichean ann an Alba air tuiteam 85% bhon a thòisich an lockdown.

'S thuirt a' chompanaidh chraolaidh ITV gun do thuit an t-iarrtas airson sanasachd telebhisein còrr is 40% anns a' Ghiblean air sàilleabh staing a' ghalair. Tha iad air planaichean fhoillseachadh airson £60m a shàbhaladh, agus an 800 luchd-obrach a chur air fòrladh.