"Eagal" sna h-Eileanan Siar
- Air fhoillseachadh

Bàt-aiseig aig cidhe an Tairbeirt sna Hearadh
Tha mar a tha an Coròna-bhìoras air sgapadh ann an dachaigh-cùraim ann am Port Rìgh air eagal às ùr a chur tro choimhearsnachdan eile air a' chosta an iar.
Tha Comhairle Coimhearsnachd Cheann a Tuath na Hearadh air sgrìobhadh gu Caledonian Mac a' Bhriuthainn a ràdh gum feum iad a bhith cho faiceallach 's a ghabhas mu cò dha a tha iad a' toirt cead siubhail.
Tha dragh orra gu bheil daoine le dachaigh sna Hearadh - ach a tha a' fuireach air tìr-mòr - fhathast a' siubhal chun an eilein.
"Mar choimhearsnachd tha dragh oirnn gu bheil daoine, a bha a' buntainn dhan eilean uaireigin, ach a-nis a rinn an dachaigh air tìr-mòr, a' tighinn air ais gu na taighean aca, a th' aca air màl as t-Samhradh, a dhèanamh rudan annta," thuirt Cathraiche na comhairle coimhearsnachd, Iain MacLeòid.
Ceadan-dràibhidh
"Gu h-àraid ma tha iad a' tighinn às a' bhaile mhòr, agus am fiabhras cho dona sa bhaile mhòr, tha dragh oirnn - gu h-àraid an-dràsta leis an rud a thachair anns an Eilean Sgitheanach.
"Tha e cho sìmplidh gun tig am bhìoras a-steach le aon duine.
"Tha fhios agam gu bheil CalMac a' dèanamh an dìchill, ach feumaidh iad faighinn a-mach carson a tha daoine a' tighinn.
"Ged a bhuineas iad dhan eilean, ged a smaoinich iad gur e eileanaich a th' annta o thùs, chan eil iad a' fuireach anns an eilean, tha iad a' fuireach air tìr-mòr.
"Tha a h-uile duine a' cur seo cho fada bhuapa, ach saoilidh mi, o thoiseach na seachdain seo, mar a chualas on Eilean Sgitheanach, tha seo a' toirt air daoine a-nise faicinn cho luath 's a dh'fhaodadh am bhìoras tighinn dha na h-eileanan,
"Ann am mionaid.
"Agus tha mi a' smaoineachadh a-nise gu bheil daoine a' faicinn seo, agus tha mi a' cluinntinn daoine sa choimhearsnachd a-nise a' smaoineachadh nas làidire mu dhèidhinn seo, gu bheil e faisg oirnn a-nis.
"Bha e fada bhuainn anns a' bhaile mhòr, ach tha e air tighinn faisg oirnn a-nise, agus tha mi a' smaoineachadh gum faic an sluagh a-nise gum feum iad cumail ris na riaghailtean a th' ann.
"Chan fhaic thu am bhìoras seo gus am bi e ann.
"Tha e cho cealgach sin," thuirt e.
Ann an Uibhist tha cuid a tha ag ràdh gu bheil feum air ceumanan nas làidire gus an t-eilean a dhìon - fiù 's deuchainnean dha daoine a tha a' tighinn a-steach.
Ach thuirt Stiùiriche na Slàinte Poblaich aig Bòrd Slàinte nan Eilean Siar, an Dr Maggie Watts, nach e "ro-innleachd èifeachdach a bhiodh ann deuchainn a dhèanamh air daoine a' tighinn far a' bhàt'-aiseig".
Thuirt i cuideachd gur e an ro-innleachd as fheàrr a th' ann a h-uile duine an aire ceart a thoirt agus an stiùireadh oifigeil a leantainn.
Thuirt CalMac gu bheil iad a' leantainn stiùir an Riaghaltais, agus a' faighneachd adhbhar turas dhaoine, ach gum feum iad a bhith a' cur earbsa anns na thèid innse dhaibh le daoine - ged a dh'fhaodadh iad a bhith a' gabhail brath air an t-suidheachadh.