Leudachadh air deuchainnean Covid-19 sna h-Eileanan Siar

  • Air fhoillseachadh
Bòrd Slàinte nan Eilean Siar
Fo-thiotal an deilbh,

Bòrd Slàinte nan Eilean Siar

Thuirt NHS nan Eilean Siar gu bheil iad air 213 deuchainnean a dhèanamh airson a' Choròna-bhìorais anns na deich làithean a dh'fhalbh.

Thòisich deuchainnean gan dèanamh Diluain an 27mh là den Ghiblean, le sgrùdadh meidigeach ga dhèanamh air 70 duine anns a' chiad sheachdain.

Thuirt am bòrd gu bheil an t-adhartas a tha iad a' dèanamh a thaobh dheuchainnean a' ciallachadh gu bheil iad air leudachadh a thoirt air na seòrsaichean daoine a tha airidh orra.