88 air bàsachadh air Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Chaidh dearbhadh gu bheil 88 duine air bàsachadh leis a’ Choròna-bhìoras air Ghàidhealtachd, a rèir nam figearan ùra a chaidh fhoillseachadh le Clàran Nàiseanta na h-Alba.
Tha seo suas bho 72 duine bhon t-seachdain a chaidh.
Tha na h-àireamhan seo a' gabhail a-steach a h-uile a bhàsaich agus Covid-19 air clàr a' bhàis aca.
Tha na figearan seo cuideachd a' sealltainn gur ann an Earra-Ghàidheal is Bòd a bha còrr is 60% de na bhàsaich, agus an sgìre sin mar phàirt de NHS na Gàidhealtachd.