Rannsachadh ga iarraidh air Home Farm

Thuirt fear de chomhairlichean an Eilein Sgitheanaich, Iain Gòrdan, gum feum rannsachadh a bhith air a dhèanamh mu na tha air tachairt aig dachaigh-cùraim Home Farm ann am Port Rìgh.

Tha seo an dèidh dha athair fhèin bàs fhaighinn ann agus Covid-19 air.

Tha HC-one, a' chompanaidh a tha a' ruith Home Farm, a-nise ag ràdh nach bi iad ag innse tuilleadh cia mheud duine a tha air bàs fhaighinn san dachaigh-cùraim.

Tha tuilleadh aig Alasdair MacLeòid.