Iarrtas do mhuinntir an Eilein Sgitheanaich gun a bhith 'cuir coire' aig an àm seo

Chaidh iarraidh air daoine san Eilean Sgitheanach a bhith taiceil dha chèile agus gun a bhith cuir a' choire air daoine eile aig an àm seo. Tha seo agus dragh ga thogail mu na dòighean-obrach aig an dachaigh-chùraim Home Farm - far a bheil sianar a-nise air bàs fhaighinn is Covid-19 orra. Tha ceist cuideachd ga thogail mu carson nach eil ach glè bheag de dhaoine a' dol gu deuchainnean - is cuid ag ràdh gu bheil mì-chinnt ann cò bu chòir a bhith ga faighinn. Tha tuilleadh aig Alasdair MacLeòid.