Cathraiche ùr 'son HIE

  • Air fhoillseachadh
Alasdair DoddsTùs an deilbh, Ewen Weatherspoon

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba gur e Alasdair Dodds cathraiche ùr Iomàirt na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Tha Mgr Dodds air a bhith air bòrd HIE bho 2014.

Chaidh e na chathraiche eadar-email sa Mhàrt an àite an Oll. Lorne Crerar.

Tha an Riaghaltas a-nise air a dhearbhadh san obair le teirm trì bliadhna.

Bha Alasdair Dodds grunn bhliadhnaichean ag obair dha Comhairle na Gàidhealtachd is 's e an àrd-stiùiriche a bh' aca eadar 2007 is 2013.

Chaidh CBE a bhuileachadh air ann an 2014 'son seirbheis aig ìre riaghaltais ionadail ann an Alba.

"Tha mi air mo dhòigh a bhith nam chathraiche air HIE agus 's e urram a th' ann dhomh", thuirt Mgr Dodds.

Dùbhlan

"Bha mi mothachail bho thùs gu bheil àite fìor chudromach aig HIE ann a bhith a' cumail taic ri gnothachasan is coimhearsnachdan air a' Ghàidhealtachd.

"Bidh dùbhlan ann dhan eaconomaidh anns na bliadhnaichean ri tighinn is sinn gu bhith a' dèiligeadh ri buaidh Covid-19.

"Tha e nas cudromaiche na bha e a-riamh gun obraich HIE airson na Gàidhealtachd is nan Eilean", thuirt e.

Tha connspaid air a bhith a' cuairteachadh HIE anns na bliadhnaichean mu dheireadh is na pàrtaidhean dùbhlanach aig Holyrood a' fàgail air Riaghaltas na h-Alba gun deach a' bhuidheann a lagachadh is am buidseat air a ghearradh.

Air a' mhìos seo chaidh, thuirt na Làbaraich gum bu chòir buidseat HIE a bhith air a dhìon is companaidhean feumach air taic ri linn suidheachadh Covid-19.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil HIE ag obair gus gnothachasan a chuideachadh tron staing a th' ann.

Tha dùil ri aithisg cuideachd anns na seachdainean ri tighinn air mar a làimhsich HIE suidheachadh Rèile Beinne a' Chàirn Ghuirm.