HIAL gan càineadh
- Air fhoillseachadh

Tha 11 phort-adhair aig HIAL, nam measg Inbhir Nis, far a bheil iad an dùil an t-seirbheis iùil a ruith.
Tha ceannardan Companaidh Phort-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) a' faighinn an càineadh 's iad a' gluasad air adhart le am planaichean seirbheis iùil nam plèanaichean a ruith à Inbhir Nis a-mhàin a dh'aindeoin suidheachadh a' Choròna-bhìorais.
Thuirt ceannardan Comhairle nan Eilean Siar gu bheil e do-chreidsinneach gu bheil HIAL air na planaichean aca, luach £8.5m, a chur a-mach gu tairgse agus dùbhlan cho mòr mu choinneimh siubhail adhair an-dràsta.
Thuirt Cathraiche na Còmhdhail aig a' Chomhairle, Ùisdean Robasdan, gu bheil an siostam a th' ann mar thà, le luchd-iùil stèidhichte ann an diofar àiteachan, Steòrnabhagh is Beinn nam Fadhla nam measg, nas seasmhaiche na na tha fa-near do HIAL.
Riaghailtean
A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt Mgr Robasdan nach robh e a' dèanamh ciall nuair a tha an Riaghaltas ag iarraidh oirrn uile a bhith ag obair aig astar bho chèile.
"Mar a tha e an-dràsta, tha e gu math nas fhasa cumail ris na riaghailtean a th' ann, agus a bhitheas ann 's dòcha, airson ùine ri tighinn cuideachd.
"Mar a tha na h-ionadan againn ann a' sheo, chan eil na h-uiread ag obair còmhla agus tha iad ag obair aig àmannan àraid 'son an cumail air leth.
"Ma tha thu ann an ionad an Inbhir Nis far a bheil thu tarraing tòrr mòr dhaoine a-staigh a dh'obair san aon àite, tha fhios gu bheil e gu bhith gu math nas cunnartaiche san t-saoghal a th' ann an-dràsta," thuirt e.
Thuirt Mgr Robasdan gun robh a' Chomhairle air tòrr cudrom a chur air measadh buaidhe air coimhearsnachdan nan eilean 's nach robh HIAL a' toirt foir dha seo.
"Tha sgioba nan eileanan aig an Riaghaltas, a bha còir a bhith ag obair air a' mheasadh seo, air an gluasad gu obair eile 's mar sin cha ghabh am measadh dèanamh,"thuirt e.
Ach aig an dearbh àm, tha HIAL a' leantainn orra leis a' phlana aca airson na seirbheis iùil a tharaing còmhla gu Inbhir Nis 's a rèir Mhgr Robasdain tha sin a' magadh air an t-siostam uile gu lèir.
Chur HIAL dìon air na tha iad a' dèanamh, ag ràdh gu bheil iad ag obair air pròiseactan a tha a' dol a thoirt buannachd eaconomaigeach dha na coimhearsnachdan anns a bheil iad ag obair.
"Ann a bhith a' ceannach teicneolas airson tùraichean air an iomall, tha sinn a' gluasad air adhart.
"Tha sinn an dùil gun toir am pròiseas tagraidh ùine agus gum bi sin deiseal ron Dùbhlachd 2020/Am Faoileach 2021", thuirt iad.