97 neach air bàsachadh le Covid-19 air a' Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
suaidheantas

Tha 97 neach air bàsachadh le Covid-19 air a' Ghàidhealtachd bhon a thòisich an galar a' sgapadh a-rèir àireamhan ùra.

Bha an treasamh cuid dhiubh sin nan luchd-còmhnaidh ann an dachaighean-cùraim.

Tha na figearan bho Chlàran Nàiseanta na h-Alba a' sealtainn gun robh Covid-19 sgrìobhte air clàr-bàis naoinear air an t-seachdain a chaidh seachad suas chun an 10mh Cèitean.

Sin an àireamh as ìsle bhon a thoisich a' bhuidheann a' clàradh dàta bho chionn 5 seachdainean.

Uile gu lèir tha 97 ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd air bàs fhaighinn leis a bhìoras - 60% dhiubh sin ann an sgìre Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus 40% ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd.

Tha deichnear air am beatha a chall ri linn Covid-19 ann an sgìre Mhoireibh, agus chan eil duine air bàsachadh leis a' bhìoras anns na h-Eileanan an Iar.

Aig a cheart àm, cha deach cùis ùr sam bith a chlàradh anns na ceithear uairean fichead mu dheireadh ann an sgìre NHS Na Gàidhealtachd, Na h-Eileanan an Iar no Moireibh.