Deuchainn le siostam ùr air a' Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Covid-19

Tha a' Ghàidhealtachd am measg sgìrean far a bheil deuchainn a' tòiseachadh Diluain air siostam ùr airson lorg fhaighinn air gach duine a thig faisg air neach sam bith air an tig Coròna-bhìoras.

Thèid bathar-bòg a thèid a chleachdadh fo phlanaichean an Riaghaltais fheuchainn ann an trì sgìrean slàinte.

'S iad sin a' Ghaidhealtachd, Siorrachd Lannraig, agus Fìobha.

Mairidh na deuchainnean seo cola-deug.

Thèid fios a chur air daoine a tha a' fulang le Covid-19 is thèid faighneachd dhaibh cò bha faisg orra, is teicneolas a' cur dìon air an dàta.

Càineadh

Thèid an uairsin fios a chur air na daoine a bha faisg orra tro theachdaireachd teacsa no air a fòn, is thèid iarraidh orra deuchainn a dhèanamh no comharran a th' orra a chlàradh.

Tha an siostam ùr seo aig cridhe phlanaichean Riaghaltas na h-Alba airson smachd a chumail air a' bhìoras anns an ùine ri teachd.

Tha iad an dùil an siostam a chur an sàs air feadh na dùthcha anns na seachdainean ri tighinn

Tha càineadh air a bhith a' dol air an Riaghaltas ge-tà, is e air tighinn am bàrr nach deach duine fhasdadh airson an siostam a ruith, ged a bha 8,000 tagradh ann 'son 2,000 dreuchd.

Thuirt Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, gu bheil 600 de luchd-obrach an NHS "deiseil airson an obair a thòiseachadh, mar phàirt den phròiseas suas ri 2,000 duine fhasdadh".

Gheall i gum bi an luchd-obrach gu lèir deiseil 'son tòiseachadh aig toiseach an Ògmhìos.