Naidheachdan 11:00m

Nì trì bùird slàinte ann an Alba deuchainn air teicneolas airson lorg agus sgeul a chumail air sluagh a chaidh dlùth air feadhainn air a bheil Coròna-bhìoras. Mairidh an deuchainn pìleat airson cola-deug aig NHS na Gàidhealtachd, Fìobha agus Siorrachd Lannraig. Tha feadhainn a' cur teagamh anns an sgeama aig Riaghaltas na h-Alba, ach thuirt Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, gu bheil i gu math cinnteach gun tèid aca air an 2,000 luchd-obrach a bhios a dhìth fhastadh.

Dachannan-cùraim

Thig air a h-uile bòrd slàinte agus ùghdarras ionadail ann an Alba sgioba a stèidheachadh bhon t-seachdain seo a chumas sùil air na dachannan-cùraim. Bidh coinneimh aca a h-uile là a dheasbad inbhe a' chùraim, agus a bhith a' seachnadh agus a' dèiligeadh ri galar. Agus cuiridh Riaghaltas na h-Alba cumhachdan ùra air bhonn airson smachd a ghabhail air dachannan-cùraim ma tha coltas cunnart ann do luchd-còmhnaidh.

Thèid Buidheann-sgrùdaidh a' Chùraim gu cùirt Diciadain a dh'fheuchainn ri cur às do chead na companaidh HC-One a bhith a' ruith Dachaigh Home Farm ann am Port Rìgh, far a bheil dearbhadh a-niste gun do chaill deichnear am beatha le Covid-19 orra.

Sgrìobh am Pàrtaidh Làbarach gu Rùnaire na Dùthcha, Priti Patel, a' gearan air poileasaidh ùr in-imreachd a tha san amharc aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte. Fo na riaghailtean ùra, cha bhi cead tighinn a dh'fhuireach ann am Breatainn aig luchd-obrach aig nach eil sgilean sònraichte. Tha na Làbaraich ag ràdh ge-tà, gur iad sin mòran de na dreuchdan, mar luchd-obrach cùraim, as motha a tha air a bhith an sàs ann an èiginn a' Choròna-bhìorais.

Bhruidhinn poilis anns an Eilean Sgitheanach ris an ùghdar, Neil Gaiman, a dh'aidich gun do shiubhail e à New Zealand gu taigh a tha aige san eilean, an aghaidh riaghailtean an lockdown. Thuirt an t-Inspeactar Linda Allan gun tug iad comhairle air mu shiubhal nach eil deatamach agus air na riaghailtean a th' ann aig an àm seo.