Fios ga shireadh mu oidhirp air mèirle
- Air fhoillseachadh

Dh'innis poilis ann an Inbhir Nis gu bheil iad a' rannsachadh oidhirp air mèirle sa bhaile tràth Didòmhnaich.
Thuirt iad gun robh boireannach na suidhe na càr air Rathad Blackthorn ann an Cùil Lodair mu 03.30 sa mhadainn nuair a dh'fhosgail fireannach doras.
Dh'fheuch e ri màileid a' bhoireannaich a ghoid mus do theich e.
Ruith e air fhalbh a dh'ionnsaigh Rathad na Ceapaich.
Cuideachadh
Thuirt Poileas Alba nach deach am boireannach a ghoirteachadh, ach gun robh i troimhe-chèile às dèidh làimhe.
Tha iad a' sireadh fiosrachadh mun duine.
Bha e eadar 30 is 40 bliadhna a dh'aois, mu 5′11″, is bha aodach spòrs is ad dubh air.
Bhruidhinn e le blas Albannach.