'Rinn mi rudeigin gòrach' - Neil Gaiman
- Air fhoillseachadh

Tha an sgrìobhadair Neil Gaiman air leisgeul a thabhainn às dèidh siubhal bho New Zealand dhan Eilean Sgitheanach nas tràithe air a' mhìos.
Dh'innis Mgr Gaiman roimhe air blog pearsanta gun tàinig e à Auckland, tro Los Angeles agus Lunainn, airson ùine a chur seachad aig an taigh aige san eilean.
Mhìnich e gun robh feum aige fhèin agus a bhean ann an New Zealand air beagan ùine air falbh bho chèile.
Ach chaidh an ceòl air feadh na fidhle is daoine feargach gun robh Mgr Gaiman air riaghailtean a' Choròna-bhìorais a bhriseadh.
Comhairle
Dh' innnis Poileas Alba gun robh iad air fios a chur air is gun tug iad comhairle dha mu na riaghailtean a th' ann.
Ann am brath, taobh a-muigh ùr, tha Neil Gaiman ag ràdh gun robh e fo uallach, nach robh e a' smaointinn gu soilleir, is gun do rinn e mearachd mhòr.
"Rinn mi rudeigin gòrach. Tha mi fìor dhuilich", sgrìobh Mgr Gaiman.
Mhìnich e gun do leugh e air làrach-lìn Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gum bu chòir do Bhreatannaich thall-thairis tilleadh dhachaigh, is gur e sin a rinn e nuair a chaidh riaghailtean lockdown ann an New Zealand a thogail.
Thuirt e gur e an t-Eilean Sgitheanach a dhachaigh san Rìoghachd Aonaichte, gu dearbh gur e an t-eilean an t-àite as fheàrr leis san t-saoghal.
"Cha robh mi a' smaoineachdh gu soilleir, bha mi dìreach 'son tighinn dhachaigh", thuirt e.
Leisgeul
Dh'innis e gun robh na poilis air bruidhinn ris is gun do dh'aontaich e riutha gun robh còir aige a bhith air fuireach ann an New Zealand.
Thabhainn e leisgeul orra agus air muinntir an Eilein Sgitheanaich.
Thuirt Mgr Gaiman cuideachd gu bheil e mothachail air an t-suidheachadh ann an dachaigh-cùraim Home Farm, is gum feum gach goireas a th' ann an-dràsta a chur gu feum airson na coimhearsnachd.
"Rinn mi mearachd. Na dèan na rinn mi. Na bi a' tighinn chun na Gàidhealtachd is nan Eilean ach ma tha e deatamach", thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh18 An Cèitean 2020
