Rabhadh mu fhoill a thaobh Cìs na Comhairle
- Air fhoillseachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh air daoine a bhith mothachail mu fhoill a th' air nochdadh mu Chìs na Comhairle.
Thuirt iad gu bheil post d. air a bhith a' dol timcheall a tha ag innse do dhaoine gu bheil iad air cus a phàigheadh is gum bu chòir dhaibh cliogadh air ceangal gus airgead fhaighinn air ais.
Dh'iarr a' Chomhairle air daoine gun sin a dhèanamh is iad ag ràdh gur e oidhirp a th' ann fiosrachadh pearsanta a thional airson foill a dhèanamh.
Thuirt Comhairle nan Eilean Siar nam biodh iad a' conaltradh ris an t-sluagh a thaobh airgead fhaighinn air ais gur ann tro litir a dhèanadh iad e mar as trice.
Thuirt iad ma tha ceist air duine mu chonaltradh sam bith a thaobh Cìs na Comhairle gum bu chòir dhaibh fios a chur thuca air 01851 600 502 no an seo., taobh a-muigh