Dràibhear bus "a' dol ro luath"

  • Air fhoillseachadh
BusTùs an deilbh, Peter Jolly
Fo-thiotal an deilbh,

Tha lùb teann aig an drochaid far an do thachair an tubaist.

Tha Rannsachadh Tubaist Bàsmhor air co-dhùnadh gun robh dràibhear bus a chaill a bheatha ann an tubaist-rathaid ann am Poll Lochaidh an-uiridh air a bhith a' dol ro luath.

Chaidh naoinear a bh' air bòrd a ghoirteachadh nuair a bhuail am bus ann an drochaid air oir a' bhaile.

Chuala an rannsachadh gun robh am bus, a bh' air a dhràibheadh le Mohamed Chache, a' falbh aig astar is e a' tighinn gu lùb air a' Bh9161 faisg air Poll Lochaidh san Eilean Dubh.

Casg astair

Thuirt an siorraidh Mairead Neilson gur e cus astair a bu choireach 's am bus a' dol aig 52 mìle san uair.

Bha casg astair air a' phìos sin den rathad de 40 msu.

Meas

Chualar cuideachd gum biodh dràibhearan bus mar as tric a' dol aig eadar 20msu agus 30msu a' tighinn suas chun na drochaid seo.

Dh'innis aona bhoireannach a bh' air bòrd a' bhus nuair a thachair an tubaist mar a dh'iarr i air a h-ogha greim a chumail 's iad a' tighinn chun na drochaid.

A' toirt na cùise gu ceann thuirt Mairead Neilson gun robh e follaiseach gur e neach-obrach air an robh daoine measail a bh' ann am Mgr Chache, no 'Smiler' mar a bh' aca air, agus gun robh fìor dheagh chlàr aige airson a bhith a' dràibheadh gu sàbhailte.

Bha Mgr Chache, a bha 50, a' fuireach ann an Inbhir Nis ach 's ann à Zanzibar a bha e bho thùs.