Am Flù Spàinnteach

Le èiginn a' Choròna-bhìorais, tha iarrtas ann an-dràsta barrachd fhaighinn a-mach mun bhuaidh a thug am Flù Spàinnteach air a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan aig deireadh a' Chiad Chogaidh.

Bha e fada nas miosa na an galar a th' againn an-dràsta. Thug am Flù Spàinnteach bàs do mu 50 millean air feadh an t-saoghail.

Bha 200,000 dhiubh sin ann am Breatainn, agus ràinig e cuid de na coimhearsnachdan as iomallaiche aig tuath.

Ach cha deach an sgeul a-riamh innse gu h-iomlan. Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.