Obraichean a' falbh aig taighean-òsta Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Taigh-osda Glen Mhor

Tha dà thaigh-òsta an Inbhir Nis air cuid den luchd-obrach aca a phàigheadh dheth 's iad ag ràdh nach urrainn dhaibh a' chosgais seo ma tha iad a' dol a mhaireachdainn.

'S ann le teaghlach Erasmus a tha Taigh-Òsta a' Ghlinn Mhòir agus Taigh-Òsta Waterside.

Thathas a' tuigsinn gun deach innse dha cuid den luchd-obrach aca gum biodh iad a' call an cosnadh leis gu bheil cus chosgaisean air a' chompanaidh.

'S ann air daoine a tha ag obair 'sa chidsin agus seòmar-bidhe - agus a bha air an sgeama-fòrlaidh - as motha air an toir seo buaidh.

Chan eil fhios le cinnt cia mheud a tha a' dol a chall an dreuchd.

Chan iad an aon chompanaidh le taighean-òsta a tha a' fulang ri linn a' Choròna-bhìorais.

Thuirt Àrd-oifigear Co-bhanntachd Turasachd na h-Alba, Marc Crothall, gu bheil barrachd taic a dhìth do ghnìomhachasan turasachd airson dìon a chur air cosnaidhean.

Dìon

"Tha e a' dol a bhith na dhùbhlan cothromachadh a dhèanamh eadar an àireamh dhaoine a dh'fhaodas sin a leigeil a-staigh do thaighean-òsta agus an t-ionmhas a thathas a' dol a dh'fhaighinn às a sin.

"Chì sinn an t-airgead a tha sinn a' dèanamh a' crìonadh thairis air na mìosan a tha air thoiseach oirnn.

"Gu mì-fhortanach leis a sin, feumar cuid den luchd-obrach a phàigheadh dheth.

"Ged a chaidh an sgeama-fòrlaidh a chur air dòigh 'son cosnaidhean a dhìon, feumaidh sinn dìon a chur air na gniomhachasan fhèin - mura bidh gnìomhachas ann, cha bhith cosnaidhean ann", thuirt e.

Chuir 75 ceannardan turasachd bho air feadh na Gàidhealtachd litir fhosgailte chun a' Phrìomh Mhinisteir an t-seachdain seo chaidh is iad ag iarraidh cuideachadh sònraichte dhaibh.