103 neach an sgìre NHS na Gàidhealtachd air bàsachadh le Covid-19
- Air fhoillseachadh

Fhuaireadh dearbhadh bho Chlàran Nàiseanta na h-Alba gu bheil 103 neach ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd air bàs fhaighinn bhon Choròna-bhìoras bho thòisich an galar a' sgapadh anns an Rìoghachd Aonaichte.
Tha sin sianar a bharrachd na bh' ann Diciadain seo chaidh.
Bho thòisich an galar a' sgapadh ann an sgìre NHS Na Gàidhealtachd, tha 33 neach air bàsachadh ann an dachaighean-cùraim, le 14 neach a' bàsachadh aig an taigh, agus 56 anns an ospadal.
Tha dùil gu bheil an t-àrdachadh bàis ann an dachaighean-cùraim air a' Ghàidhealtachd suas - dithis a bharrachd bho Dhiciadain seo chaidh - air sgàth 's mar a tha Covid-19 air sgaoileadh aig Dachaigh-cùraim Home Farm san Eilean Sgitheanach far a bheil deichnear air bàs fhaighinn.