Coinneamhan bòrd-stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig fosgailte don phoball
- Air fhoillseachadh

Thèid coinneamhan a' bhùird-stiùiridh aig Bòrd na Gàidhlig a shruthadh beò don a' phoball airson a' chiad uair, a' tòiseachadh Dimàirt seo tighinn - an 26mh là den Chèitean.
'S e seo a' chiad turas a tha am bòrd-stiùiridh air cuireadh a thoirt don phoball a bhith a' coimhead nan coinneamhan aca.
Thuirt Bòrd na Gàidhlig gu bheil e a' sealltainn mar a tha am bòrd-stiùiridh airson a bhith fosgailte a thaobh na h-obrach aca.
Tha seo mar phàirt de dh'oidhirp a' bhùird dèiligeadh ri laigsean taobh a-staigh na buidhne a thog Àrd Neach-sgrùdaidh na h-Alba, Caroline Gardner, na h-aithisg san Dùbhlachd an-uiridh.
Èisteachd
Aig an àm sin, dh'aidich cathraiche eadar-amail a' bhùird, Màiri NicAonghais, gun robh duilgheadasan ann, ach gun robh plàna-gnìomh aca airson dèiligeadh ri cùisean.
Tha i a-nis air a stèidheachadh ann an dreuchd a' chathraiche agus thuirt i gur e fear de na prìomh amasan aice, na coinneamhan fhosgladh don phoball.
"Tha sinn a' cur fàilte air luchd-labhairt na Gàidhlig bho air feadh na dùthcha, èisteachd ris na coinneamhan agus do na puingean a thèid a thogail" thuirt i.
Sa chiad dol-a-mach, thèid cuireadh do luchd-labhairt na Gàidhlig coimhead air a' choinneimh le clàr-gnothaich agus pàipearan air am foillseachadh air-loidhne 5 latha ro gach coinneamh.
Anns na mìosan a tha romhainn, bidh am bòrd a' coimhead ri dòighean gus na coinneamhan a chraoladh sa Ghàidhlig le eadar-theangachadh beò do dhaoine gun Ghàidhlig.