Ospadal san Dachaigh

  • Air fhoillseachadh
Slàinte

Tha NHS nan Eilean Siar a' cur seirbheis air dòigh airson dèiligeadh le barrachd euslainteach aig an taigh seach a bhith gan toirt dhan ospadal.

'S e 'Ospadal san Dachaigh' a th' aca air an t-seirbheis ùir.

Dh'innis am bòrd-slàinte gu bheilear ag amas air suidheachaidhean far am biodh euslainteach san àbhaist a' faighinn leigheas san ospadal, ach far am biodh cùram san dachaigh na bu fhreagarraiche.

Thuirt iad gun cuidich an sgeama le euslaintich fhaighinn dhachaigh às an ospadal, no ann an cuid de shuidheachaidhean an t-ospadal a sheachnadh.

Co-dhùnadh

Bidh sgioba shònraichte de luchd-obrach clionaigeach bho NHS nan Eilean Siar os cionn na seirbheis, agus 's iad àrd-dhotairean a nì co-dhùnadh air suidheachadh far am bi e freagarrach do dh'euslainteach leigheas fhaighinn san dachaigh.

Dh'innis am bòrd-slàinte gun tèid sùil a chumail air euslaintich air 'uard bhiortail'

Bidh sgeama pìleat ann an toiseach ann an Leòdhas is na Hearadh is planaichean ann an sgeama a leudachadh gu Uibhist is Barraigh.

Aig an dearbh àm, dh'innis NHS nan Eilean Siar gu eil iad cuideachd air seirbheis ùr eile a chur air dòigh air a bheil 'Hot Clinics'.

Bheir seo cothrom do dhotairean teaghlaich comhairle dhìreach fhaighinn bho àrd-dhotairean.

Faodaidh dotairean teaghlaich fios a chur gu àrd-dhotair ann an Ospadal nan Eilean Siar air post d. le dùil gum faigh iad freagairt air an aon là.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh