Naidheachdan 11:00m
Chuir an Leas-phrìomh Mhinistear, John Swinney, dìon air co-dhùnadh riaghaltas na h-Alba, gun cinn-latha a chur sa phlana 'son tighinn a-mach às an lockdown, eu-coltach ris na rinn riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte. Thuirt Mgr Swinney an-diugh gun deach plana na h-Alba a dhealbh air dhòigh 's nach toir e briseadh dùil do dhaoine. Thèid tòiseachadh Diardaoin seo tighinn air na riaghailtean a thogail mean air mhean ann an ceithir ìrean, ach thuirt Mgr Swinney gu robh e gu math nas fhasa a dhol gu lockdown na bhios tighinn às.
Tha Oilthigh Oxford a' dèanamh leudachadh mòr air deuchainn 'son banachdach do Chovid-19. Tha iad a-niste ag iarraidh 10,000 duine a ghabhas pàirt sna deuchainnean sàbhailteachd far nach robh aca ach beagan cheudan gu ruige seo. Bidh ionadan deuchainn ann an Glaschu agus Dùn Èideann am measg ochd làrach deug air feadh Bhreatainn.
Tha àireamhan oifigeil an-diugh ag ràdh gun do ghabh an riaghaltas còrr is £62 billean a bharrachd air iasad sa Ghiblean, an t-suim 's motha riamh ann an aon mhìos. Se an sgeama 'son cosnadh a ghlèidheadh tro èiginn a' choròna-bhìorais 's motha a thug buaidh air cosgaisean an riaghaltais.
Tha dùil ri tuilleadh fiosrachaidh an-diugh bho Rùnaire na Dùthcha, Priti Patel, mu phlana an riaghaltais 'son luchd-siubhail a thig a Bhreatainn a chur ann an cuarantain airson cola-deug, a' tòiseachadh air an ath mhìos. Tha am plana ag amas an dàrna cuairt den bhìoras a sheachnadh, ach tha na companaidhean-adhair ag ràdh gun dèan e an èiginn 's am bheil iad an-dràsta fhèin, nas miosa buileach.
Tha beachd ann an Uibhist gum bu chòir do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn cumail orra 'son ùine le'm poileasaidh a tha a' cumail dhaoine gun siubhal air na h-aiseagan gun deagh adhbhar. Thog Gail NicDhonnchaidh, riochdaire Uibhist air Bòrd Coimhearsnachd ChalMac, dragh mu dè thachras nuair a thig fuasgladh air an lockdown agus thuirt fear de chomhairlichean na sgìre, Ruairidh MacAoidh, gu bheil esan ag aontachadh rithe gu bheil na h-eileanan feumach air an dìon 'son ùine fhathast.