Obair-càraidh Rèile Beinne a' Chàirn Ghuirm ceum nas fhaisge
- Air fhoillseachadh

Fhuair planaichean airson Rèile Beine a' Chàirn Ghuirm a chàradh cead bho Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.
Tha an rèile beinne air a bhith dùinte bhon t-Sultain 2018 ri linn trioblaidean leis a' bhun-structair.
Feumaidh Riaghaltas na h-Alba a-nis cead a thoirt dha na planaichean.
Tha dùil gun cosg an obair suas ri £10m.
Tha an rèile-beinne a' ceangal an ionad-fàilteachaidh, a tha aig an raon-pharcaidh, ris an àite-bìdh agus an raon-sgìth a tha 1,097m shuas a' Chàirn Ghuirm.
Measadh
Thug comataidh dealbhachaidh ùghdarras na pàirce nàiseanta cead airson an obair-càraidh sa chiad choinneamh phoblach aca air loidhne.
Chaidh a cumail air loidhne ri linn bacaidhean a' Choròna-bhìorais.
Thuirt Iomairt na Gàidhealtachd snan Eilean, leis a bheil an rèile beinne, gu robh iad toilichte gu robh ùghdarras na pàirce nàiseanta air cead a thoirt dhaibh.
Thuirt HIE gum bi co-dhunadh deireannach air am bu chòir leantainn leis an obair an urra ri measadh nas mionaidiche air na roghainnean a th'ann agus air na cosgaisean.
Tha iad an dòchas molaidhean a chur mu choinneamh bòrd HIE agus Riaghaltas na h-Alba as t-samhradh.