Bòrd-slàinte air dèiligeadh ri cùis eile de Chovid-19

  • Air fhoillseachadh
Drochaid an Eilein Sgitheanaich

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad air cùis eile de Chovid-19 san Eilean Sgitheanach a rannsachadh is gun deach dèiligeadh ris.

Dh'innis am bòrd-slàinte gun d'fhuair iad dearbhadh air a' chùis Diardaoin seo chaidh.

Thuirt iad gun robh iad air fios a chur air daoine air an robh a' chùis a' toirt buaidh, gun deach comhairle a thoirt dhaibh, agus deuchainnean far an robh feum orra.

Thathas a' tuigsinn gur ann am measg na coimhearsnachd a bha a' chùis seo is nach eil e ceangailte ris an t-suidheachadh aig dachaigh-cùraim Home Farm.

Ceumanan

Ann am brath ùr deireadh na seachdain, thuirt NHS na Gàidhealtachd gun deach a' chùis a rannsachadh is gun deach na ceumanan iomchaidh a chur an sàs.

Thuirt iad gu bheil an gnothach seachad aige sin.

Aig an dearbh àm, chan eil àrdachadh sam bith air tighinn air an àireamh de chùisean de Chovid-19 ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd thairis air an dà là mu dheireadh.

Tha na h-àireamhan aig Riaghaltas na h-Alba a' sealtainn gu bheil an àireamh uile gu lèir airson na sgìre aig 335.

Chan eil cùisean ùra sam bith anns na h-Eileanan an Iar.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh