Coinneamh na Camanachd
Coinnichidh Comann na Camanachd Diardaoin gus meòrachadh air an t-slighe air adhart dhan gheama.
Tha an Comann a' sireadh bheachdan bho na clubaichean is mì-chinnt ann fhathast am bi iomain sam bith ann am-bliadhna.
Ron choinneimh ge-tà, bha faochadh ann dhan spòrs is a' chompanaidh àrach èisg MOWI a' dearbhadh gun lean an cùmhnant taice dhan gheama tron staing a th' ann.
Eòlaiche na h-iomain, Ùisdean MacIllinnein.