Naidheachdan 11:00m
Chuir minstear ann an Oifis Alba, Dùghlas Ros, bhuaithe a dhreuchd san Riaghaltas agus e a' gearan air mar a chaidh cùis Dominic Cummings a làimhseachadh. Dh'innis Mgr Cummings, àrd-chomhairliche Bhoris Johnson, an-dè carson a shiubhail esan bho dhachaigh ann an Lunnainn gu ruige Durham nuair a bha an lockdown ann. Tha esan fhathast san dreuchd ged a tha mòran ag ràdh nach bu chòir dha. Thuirt Mgr Ros, BP Mhoireibh, an-diugh gun do rinn Mgr Cummings rud nach robh ceadaichte dhan mhòr-shluagh agus ris nach eil a' mhòr-chuid ag aontachadh. Tha Mgr Ros a bhith a' fàgail a dhreuchd a' cur tuilleadh cuideim air Boris Johnson agus air ceannard nan Tòraidhean ann an Alba, Jackson Carlaw.
Thuirt Ministear Còmhdhail na h-Alba, Mìcheal MacMhathain, gum bi còmdhach aodainn agus astar eadar daoine aig meadhan nam planaichean fom bi daoine a' siubhal dhan àite-obrach nuair a thèid tòiseachadh air an lockdown ann an Alba a thogail aig deireadh na seachdain seo. Bidh tuilleadh fiosrachaidh aig Mgr MacMhathain an-diugh fhathast mu na planaichean sin.
Tha duil ri duine, a tha 42, anns a' chùirt ann an Cill Mheàrnaig an-diugh fo chasaid ma bhàs duine eile ann an Àird Rosain Là na Sàbaid. Chaochail Pòl Cairns, a bha 42, an dèidh losgadh air le gunna.
Tha coltas gum faodadh cùisean diùraidh tilleadh gu Àrd-Chùirtean na h-Alba anns an Iuchair. Tha buidheann gnìomh a' moladh chùisean-lagha le astar sòisealta agus iad sgapte eadar trì seòmraichean cùirte. Anns an Àrd-Chùirt ann an Glaschu bhiodh an diùraidh a' suidhe ann an gailearaidh a' phobaill agus ann an Dùn Èideann bhiodh an diùraidh a' coimhead agus ag èisteachd ris a' chùis-lagh le ceangal bhideo bho sheòmar eile.
Tha am fear-saidheans a tha os cionn na h-iomairt as motha ann am Breatainn airson sealbh agus sgeul a chumail air Covid-19 ag ràdh gun do chuir dà thachartas mòr spòrs anns a' Mhàrt ris an àireimh a dh'fhulang agus a fhuair bàs leis a' bhìoras ann an aon sgìre. Thuirt an t-Oll. Tim Spector gun do sgap am bhìoras iomadh fhillte ann an iar thuath Shasainn an dèidh Rèisean Each Cheltenham agus an geam ball-coise aig Liverpool aig Anfield an aghaidh Atletico Madrid san Champions League. Thuirt an Riaghaltas ge-tà, gu bheil iomadh rud ann a dh'fhaodadh buaidh a thoirt air barrachd chùisean ann an aon sgìre.