Teirm ùr UHI as t-Fhoghar

  • Air fhoillseachadh
Oileanach UHI.Tùs an deilbh, UHI

Dh'innis Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean gu bheil dùil aca teirm ùr a thòiseachadh as t-Fhoghar.

Thuirt iad gun do choinnich na 14 prionnsabalan bhon lìonra an t-seachdain seo chaidh, is gun deach aontachadh gun tòisich iad bhon t-Sultain agus a rèir a' chlàr-ama àbhaistich.

Dh'innis an UHI gun tarraing iad an dà chuid air an eòlas aca fhèin a thaobh ionnsachadh air na làraichean aca agus aig astar, agus air stiùireadh bho Riaghaltas na h-Alba a thaobh slàinte poblaich.

Thuirt iad gun tèid co-labhairtean bhideo is teicneòlas eile den leithid a chur gu feum, ach gun tèid dòighean teasgaisg traidiseanta le luchd-teagaisg is oileanaich cruinn a chleachdadh cuideachd far a bheil e iomchaidh is comasach.

Cuirmean

Aig an dearbh àm, dh'innis an UHI gun deach aontachadh nach bi cuirmean ceumnachaidh ann am-bliadhna idir - san t-seagh traidiseanta no air-loidhne.

Thuirt iad gum faigh oileanaich a tha air na cùrsaichean aca a chrìochnachadh am-bliadhna dearbhadh air an teisteanas.

Dh'innis iad gu bheil dùil gun tèid cuirmean a chur air dòigh ann an 2021 nuair a bhios cothrom aig luchd-ceumnachaidh is na h-aoighean aca tighinn cruinn còmhla gu sàbhailte.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh