Air ais dhan sgoil?
- Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ullachadh phlanaichean airson na sgoiltean aca a dhèanamh sàbhailte airson sgoilearan is luchd-obrach mus tèid am fosgladh a-rithist anns an Lùnastal.
Mar phàirt den atharrachadh air riaghailtean an lockdown, faodaidh luchd-teagaisg agus luchd-foghlaim eile tilleadh dhan àite-obrach san Òg-mhìos airson cùisean a chur air dòigh 'son sgoilearan a bhith a' tilleadh bhon 11mh là den Lùnastal.
Thuirt Cathraiche Comataidh an Fhoghlaim aig Comhairle na Gàidhealtachd, an Comh Iain Fionnlasdan, gun tèid luchd-obrach air ais ann an dòigh chùramach, agus mean air mhean.
Sàbhailteachd
"Tha mi a' tuigsinn gu bheil pàrantan agus sgoilearan airson fios fhaighinn air na planaichean a thèid a chur an gnìomh 'son toiseach na teirm air an 11mh là den Lùnastal, agus 's e sin a bhios luchd-obrach foghlaim a' dèanamh thairis air na seachdainean a tha romhainn.
"Aig an ìre-sa, agus air thoiseach air coinneamhan le ceannardan-sgoile, buidhnean phàrantan is coimhearsnachdan, tha e ro thràth planaichean deireannach fhoillseachadh air cò ris a bhios cùisean coltach nuair a thilleas clann dhan sgoil.
"Tha e cudromach gum bithear a' coimhead air gach sgoil fa-leth airson na feumalachdan aca a làimhseachadh.
"Cho luath 's a tha fiosrachadh, taobh a-muigh againn, thèid fhoillseachadh gu poblach", thuirt e.
Thuirt Àrd-Oifigear an Fhoghlaim agus an Ionnsachaidh, Pòl Senior, gu bheil obair mhòr air tòiseachadh mar-thà.
"Thèid measadh riosg (risk assessment) a dhèanamh airson 's gum bi daoine a' cumail air falbh bho chèile agus bheir seo cothrom do luchd-obrach tilleadh gu sàbhailte.
"Aon uair 's gu bheil aonta ann 's gu bheilear riaraichte a thaobh slàinte is sàbhailteachd, thèid fios a chur gu pàrantan, luchd-cùraim agus sgoilearan air cò ris a bhios foghlam coltach san àm air thoiseach" thuirt e.