Dithis marbh is fear an grèim an Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Baile a' ChnuicTùs an deilbh, PETER JOLLY NORTHPIX

Dh'innis Poileas Alba gu bheil dithis fhireannach marbh is gu bheil fear an grèim às dèidh tachartas ann an Inbhir Nis oidhche Ardaoin.

Thuirt iad gun deach an gairm gu taigh air Rathad Bhaile an Lòin ann an sgìre Bhaile a' Chnuic mu 10:00f.

Dh'innis iad gun do chaochail dithis fhireannach is gu bheil fear an grèim aca.

Tha na Poilis ag ràdh gu bheil iad a' dèiligeadh ris an t-suidheachadh mar chùis amharasaich.

Rannsachadh

"Tha an rannsachadh againn aig ìre-thràth", thuirt DCI Dàibhidh Hadden bho Phoileas Alba.

"Tha mo smuaintean le teaghlach is caraidean an fheadhainn a chaill am beatha. Bu thoil leam a ràdh an-dràsta nach eil cunnart an seo dhan choimhearsnachd.

"Bidh ge-tà, oifigich gu leòr san sgìre fhad 's a tha sinn a' rannsachadh", thuirt e.

Bu chòir do dhuine sam bith le fiosrachadh brath a chur air na Poilis air 101 is àireamh 4347 28mh den Chèitean a thoirt seachad, no fònadh gu Crimestoppers air 0800 555111.