Cunnart bho ghort air sgàth Covid-19

Dh'fhaodadh gum fulaing faisg air 130 millean duine a bharrachd air feadh an t-saoghail gort ri linn èiginn a' choronabhìorais.

Sin a rèir Prògram Bìdhe na Cruinne a tha ag ràdh gur dòcha gun eug barrachd dhaoine leis an acras, seach le Covid-19 fhèin.

Thuirt iad gu bheil cobhair a dhìth bho riaghaltasan bho air feadh an t-saoghail gus sin a sheachnadh.

Tha an aithris seo aig Ruairidh MacIomhair.