Grunnan a' fàgail ICT

  • Air fhoillseachadh
Carl TremarcoTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Carl Tremarco air a bhith aig ICT bho 2013.

Dhearbh Caledonian Thistle gu bheil grunn chluicheadairean a' fàgail a' chluba is na cùmhnantan aca air tighinn gu ceann.

Aig an dearbh àm, tha Aaron Doran, Nikolay Todorov, Brad MacAoidh is Cammy MacAoidh air ainm a chur ri cùmhnantan ùra.

Thuirt an cluba gu bheil suidheachadh a' Choròna-bhìorais a' ciallachadh nach b' urrainn dhaibh cùmhnantan ùra a thabhainn air cuid de chluicheadairean a bu mhiann leotha a chumail.

Am measg an fheadhainn a tha a' falbh tha an sgiobair, Carl Tremarco, às dèidh seachd bliadhna aig ICT.

Thug an cluba taing dha Tremarco airson "seirbheis air leth" thairis air na bliadhnaichean.

Bha fios mar thà gun robh Shaun Rooney air ainm a chur ri ro-chùmhnant le St Johnstone, is dh'innis Inbhir Nis gu bheil Jordan White cuideachd air cùmhnant aontachadh le cluba eile.

Òigridh

Thathas an dùil gur e Tobar na Màthar a tha sin.

Tha Charlie Trafford, Tom Walsh is Matheus Machado cuideachd a' fàgail.

Dhiùlt Walsh is Machado cùmhnantan ùra a bha Inbhir Nis air tabhainn orra.

Dhearbh ICT cuideachd gu bheil grunn chluicheadairean òga a' fàgail.

Nam measg, tha na Gàidheil òga Dòmhnall Ailig Moireasdan is Harry MacNeacail.