Rabhadh mu bhith a' cumail astair-shòisealta
Thug comhairlaiche anns an Rubha rabhadh seachad agus e ag ràdh gum faod call a bhith ann mura h-èisd daoine ris a' chomhairle mu bhith a' cumail astair-shòisealta.
Tha aithrisean ann gun robh buidhnean de dhaoine a' tighinn cruinn còmhla ann an Leòdhas air an deireadh sheachdainn, mar a thachair ann an sgirean eile.
Tha sgioba nam maor-cladaich cuideachd air rabhadh a thoirt seachad mu na cunnartan a tha an cois a bhith leum far chidhichean.
Seo Dòmhnall MacLaomainn.