Comharra-malairt ga dhiùltadh son "Port Ruighe"

Dh' innis An t-Aonadh Eòrpach don chompanaidh Diageo, leis a bheil taigh-staile Thalasgair san Eilean Sgitheanach, nach fhaod iad comharra-malairt a chlàradh 'son an uisge-bheatha aca air a bheil "Port Ruighe".

Tha luchd-gnìomhachais ann am Portugal air gearain a dhèanamh gu bheil am facal 'port' ann.

B' e pàirt dhen adhbhair airson a' cho-dhùnaidh a rèir choltais, gur e ainm Gàidhlig a th' air, nach biodh fios aig daoine gu dè tha e a' ciallachadh, agus nach eil a' Ghàidhlig na cànan oifigeil san Roinn Eòrpa.

Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.