Dìon air gluasad euslainteach
- Air fhoillseachadh

Chuir Rùnaire Slàinte na h-Alba, Jeane Freeman, dìon air a' phoileasaidh fon deach daoine a chur às an ospadal gu dachannan-cùraim aig toiseach èiginn a' Choròna-bhìorais.
Thàinig dearbhadh Diciadain gu bheil an àireamh dhaoine a bhàsaich leis a' bhìoras ann an dachannan-cùraim a-nis nas motha na bhàsaich leis sna h-ospadail.
Bha Ms Freeman ga ceasnacadh aig Comataidh na Slàinte aig Holyrood.
Thuirt i gu bheil e ceart a bhith a' gluasad dhaoine nach fheum a bhith san ospadal, seach nach e sin an t-àite as sàbhailte dhaibh.
Ach thuirt i gum bi Riaghaltas na h-Alba a' dèanamh diofar cho-dhùnaidhean a rèir an fhiosrachaidh as ùire.
Tha ceangal ga dhèanamh eadar COVID-19 agus bàs 1,818 duine ann an dachannan cùraim na h-Alba.
Sin triùir nas motha na chaidh a chlàradh ann an ospadalan na dùthcha.
Chaidh Riaghaltas na h-Alba a chàineadh an dèidh dha tighinn am follais gun deach faisg air 1,000 euslaineach a chur gu dachannan cùraim aig toiseach na staing gun deuchainn a bhith air a dèanamh orra 'son a' Choròna-bhìorais.
Tha dragh air a bhith ann cuideachd mu ghainnead dheuchainnean airson luchd-obach agus luchd-còmhnaidh ann an cuid de dhachannan cùraim.