Rabhadh mu chosgais cùraim-chloinne

  • Air fhoillseachadh
Comhairle na Gàidhealtachd

Cosgaidh e mu £800,000 ionadan cùram-cloinne air a' Ghàidhealtachd a chumail fosgailte as t-Samhradh airson luchd-obrach dheatamaich.

Dh'iarr Riaghaltas na h-Alba air ùghdarrasan ionadail seo a dhèanamh le bhith a' cleachdadh airgid nach deach a chosg air cùram-chloinne.

Ach tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh nach eil airgead gu leòr aca agus gun tig gearradh air seirbheisean foghlaim eile gus an t-seirbheis a tha seo a chumail a' dol.

"Tha tòrr chosgaisean ann airson seo air Ghàidhealtachd," thuirt Ceannard Buidseit an ùghdarrais, an Comh. Alasdair MacFhionghain.

"Tha a' Ghàidhealtachd cho farsainn, agus tha tòrr sgoiltean againn, agus tha sinn a' toirt seachad na seirbheis a tha seo.

"Tha sinne den bheachd gun cosg e £800,000 thairis air an t-Samhradh, agus feumaidh an t-airgead sin tighinn o rudeigin eile a bha sinn a' dèanamh.

"Ach aig a' cheann eile bidh seo gu math airson staid eaconomaidh na Gàidhealtachd, agus bidh e na chuideachadh do dh'fheadhainn airson a bhith a' dol air ais a dh'obair.

"Ma tha sinne gu bhith a' cosg seo air an t-seirbheis an seo, cha bhi an t-airgead againn airson phàirtean eile," thuirt e.