Mèirle aig dachaighean-cùraim an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Tha Poileas Alba a' lorg fiosrachaidh às dèidh mar a chaidh briseadh a-steach air trì dachaighean-cùraim ann an Inbhir Nis eadar oidhche Mhàirt an 2na Ògmhìos agus madainn Diciadainan 3mh Ògmhìos.
Chaidh na Poilis a ghairm gu dachaighean-cùraim air Rathad Chùl Daothail, Slighe Chinn a' Mhìllidh agus Craobh-shlighe Sgor Gaoithe.
Cha deach sian a ghoid bhon dachaigh-chùraim air Craobh-shlighe Sgor Gaoithe, ach chaidh timcheall air £700 a ghoid bhon dà ionad eile.
Thuirt an Dt. Sgt. Graeme MacIain gu bheil e uabhasach a bhith ag amas air dachaighean-cùraim mar seo, agus tha an rannsachadh aca a' leantainn.
"Tha sinn a' creidsinn gu bheil na trì tachartasan seo ceangailte, 's tha fios againn gun robh càr glas Audi S5 faisg air na trì dachaighean-cùraim tro oidhche Mhàirt.
"Ma tha duine air an càr seo fhaicinn, no ma tha bhideo dashcam aca, no ma tha fiosrachadh sam bith eile aca, bhiodhmaid fada nur comainn," thuirt e.