Naidheachdan 11:00m

Thuirt pàrantan Madeline McCann gur e gluasad cudromach dha-rìribh a th' ann an dearbhadh nam Poileas gu bheil fear fo amharas aca mu bhàs na h-ìghne bige. Thuirt na Poilis gun robh fear a tha a-niste sa phrìosan anns a' Ghearmailt airson drabastachd a' siubhal ann an campar-bhana ann am Portagal aig an àm a chaidh Madeleine a dhìth. Bha ise trì bliadhna de dh'aois nuair a chaidh i a dhìth ann an sgìre an Algarve ann an 2007.

Chuir seann Rùnaire Dìon nan Stàitean Aonaichte, James Mattiss, agus an t-seann Cheann-Suidhe, Barak Obama, an taic ris na caismeachdan mòra ag iarraidh ceartais an dèidh bàs an duine dhuibh George Floyd. Chàin Mgr Mattiss mar a tha an Ceann-Suidhe Trump a' maoidheadh nam feachdan armaichte air an luchd-iomairt, agus thuirt e gu bheil cion inbheachd ann an ceannas Aimeireaga. Dh'iarr Mgr Obama air Aimeireaganaich an cothrom seo a ghabhail air atharrachadh a thoirt air an dùthaich.

Iarraidh Boris Johnson co-obrachadh slàinte air feadh an t-Saoghail aig co-labhairt ann an Lunnainn an-diugh ag amas air banachdach a chruthachadh dhan Choròna-bhìoras. Tha còrr is 50 dùthaich agus buidhnean eile ag amas air £6bn a thogail airson banachdach a dhealbhachadh.

Tha buill ann am Pàrlamaid na h-Alba a' ceasnachadh Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, an-dràsta mu bhuaidh a' Choròna-bhìorais air dachannan-cùraim. Dh'innis Jeane Freeman dhan Chomataidh Slàinte gu bheil coltas ann gur iad dachannan-cùraim nas lugha as fheàrr a th' air dèiligeadh ris a' ghalar seach an fheadhainn as motha. Thàinig dearbhadh an-dè gu bheil an àireamh dhaoine a bhàsaich leis a' bhìoras ann an dachannan-cùraim a-niste nas motha na bhàsaich anns na h-ospadail.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum bi aca ri gearraidhean a dhèanamh air seirbheisean foghlaim eile airson cùram-cloinne a chumail a' dol tron t-Samhradh do chloinn luchd-obrach dheatamaich. Dh'iarr Riaghaltas na h-Alba air ùghdarrasan ionadail airgead a chleachdadh airson seo nach deach a chosg air cùram-chloinne eile. Ach tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gun cosg e cha mhòr £1m dhaibh, agus nach eil sin aca.