Tidsearan Earra-Ghàidheal gus tilleadh

  • Air fhoillseachadh
Sgoil

Dh'innis Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gun till an luchd-teagaisg aca dha na sgoiltean Diluain an 15mh dhen Ògmhìos.

Bidh seo airson ullachadh a dhèanamh mu choinneamh na sgoilearan tilleadh às dèidh saor-làithean an t-samhraidh.

Thuirt a' chomhairle gu bheil iad fhathast ag obair air na planaichean airson an t-seisein ùir a thòisicheas air an 11mh dhen Lùnastal.

Tha iad ag ràdh gur e measgachadh a bhios ann de dh'ionnsachadh san sgoil fhèin agus aig an taigh leis gum feumar riaghailtean astair-shòisealta a leantainn.

Thuirt an Comh. Yvonne McNeilly, a tha os cionn poileasaidh an fhoghlaim sa sgìre, gu bheil iad a' cur nam planaichean ri chèile a rèir frèam-obrach Riaghaltas na h-Alba.

Thuirt an Comh. McNeilly cuideachd gun ceadaich na planaichean sùbailteachd aig ìre ionadail gus coinneachadh ri na diofar feumalachdan a th' aig na coimhearsnachdan eadar-dhealaichte anns an sgìre.