Deuchainn agus Dìon a-nis beò sna h-Eileanan an Iar
- Air fhoillseachadh

Dh'innis NHS nan Eilean Siar gu bheil an siostam nàiseanta Deuchainn agus Dìon, a tha ag amas air smachd a chumail air a' choròna-bhìoras, a-nis beò anns an sgìre.
Thog Comhairle nan Eilean Siar dragh nuair a thàinig e am follais nach robh na h-Eileanan deiseil airson an t-siostam nàiseanta a thòisich an t-seachdain sa chaidh.
Bidh e niste comasach do mhuinntir nan Eilean Siar air an tig comharran Covid-19, agus a tha nas sine na coig bliadhna a dh'aois, deuchainn a bhucadh tro àireamh fòn air neo foirm air-loidhne.
'S urrainn dhaibh fònadh gu 01851 601 151 eadar 9m agus 5.30f, Diluain gu Dihaoine, le inneal freagairt ga chleachdadh taobh a muigh nan uairean sin.
Tha foirm cuideachd ri fhaotainn air loidhne air an làrach-lìn https://www.coronavirus.wi.nhs.scot/?page_id=2195, taobh a-muigh neo le bhith a' tadhal air NHS Inform.
Ma thèid cùis a dhearbhadh bidh aig an neach ri fuireach a-staigh airson seachd là agus feumaidh an fheadhainn eile san taigh fuireach fa-leth airson 14 là.
Thèid bruidhinn ris a neach air a bheil am bhìoras gus dèanamh a-mach cò air an robh iad mun cuairt 's cò bha faisg orra airson ùine.
A-rèir mar a thèid na còmhraidhean sin dh'fhaodadh gum bi aig cuid dhen fheadhainn a bha faisg air a neach air a bheil Covid-19, iad fhèin a chumail fa-leth airson ceala-deug.